Tha grunn ghnèithean de leumadairean rim faicinn timcheall chostaichean na h-Alba.

Read in English

Tha rubha creagach deas air a' Chlach Tholl ann an Asainte air a bheil ainm gu math iomchaidh. À Rubha Leumair (no Rubha an Leumaire mar a bhiodh dùil) chithear fhathast bho àm gu àm an creutair a thug ainm don àite – an Leumaire no Leumadair. Bidh a' chuid as motha de dhaoine a chì leumadair ga fhaicinn à eathar ach tha grunn àiteachan timcheall costa na h-Alba far am faicear iad bhon chladach. Am measg sin tha Gob na Cananaich air cladach a tuath Linne Mhoireibh far am bithear ag ràdh gum bi na leumadairean a' tighinn cruinn còmhla aig àm an lìonaidh a chionn ʼs gur e àite ainmeil a th' ann airson a bhith a' faicinn daoine, gu leòr dhiubh le prosbaig timcheall an amhaichean!

Àite air ainmeachadh airson leumadairean – no leumairean – Rubha (an) Leumair(e) air costa Asainte. Chuala an t-ùghdar aithris gum bithear a' faicinn leumadairean às a sin fhathast. Reproduced with the permission of the National Library of Scotland

ʼS e leumadair am facal coitcheann airson na leithid de mhamail mara oir bidh iad a' leum a-mach às a' mhuir aig amannan. Tha seo gan comharrachadh mar eadar-dhealaichte bho na peileagan no puthagan a tha nas lugha agus nach bi a' leum. Ma thathar ag iarraidh sgaradh a dhèanamh le ainmhidhean eile a bhios a' leum (m.e. fionnan-feòir), faodar 'leumadair-mara' a ghabhail orra. Chithear am facal deilf airson leumadair ann am faclairean Albannach ach bidh a' chuid as motha de Ghàidheil Albannach ga thomhas mar fhacal Èireannach seach fear a chleachdadh iad fhèin anns an latha an-diugh.

Mucan-biorach a' toirt sùil air daoine aig Gob na Cananaich. ©Ben James/NatureScot

An coimeas ri cuid de mhamailean-mara, chan eil an leumadair cumanta no common dolphin uabhasach mòr. Anns a' choitcheannas, ruigidh e 2.5 meatairean ann am fad. Ann am faclair Dwelly tha seann ainm air a shon – bèist-ghorm – ach saoilidh mise nach eil sin cuideachail oir bithear ga aithneachadh air a dhruim dorch agus cliathaich a tha car buidhe-bàn. Airson an ùghdair seo, tha an samhradh aige slàn nuair a tha e air a bhith a' seòladh gu socair, sàmhach far a' chosta shiar agus nochdaidh gun rabhadh na ficheadan de leumadairean cumanta, agus iad a' sealg èisg. Cha chluinnear ach am plumanaich fhad ʼs a ruitheas iad an cobhartach. Uaireannan bidh an leumadair seo a' nochdadh nan ceudan, agus iad a' cuairteachadh sgaothan èisg. ʼS e tachartas mìorbhaileach a th' ann do dhuine sam bith a tha fortanach gu leòr fhaicinn!

Bidh an leumadair cliathaich-bhàin no Atlantic white-sided dolphin a' nochdadh nar n-uisgeachan cuideachd, ged a bhios e mar as trice anns a' mhòr-chuan. Bidh an leumadair bàn-ghobach no white-beaked dolphin cuideachd a' nochdadh timcheall Alba, ged a thèid e fad is farsaing, agus cho fada tuath ris a' Chuan Artach.

Leumadairean cumanta anns a' Chuan Sgìth. ©Sue Scott

A bharrachd air an leumadair chumanta, ʼs dòcha gur e an gnè as aithnichte dhiubh do dh'Albannaich a' mhuc-bhiorach no bottlenose dolphin. Tha buidheann mhòr dhiubh anns a bheil suas ri dà cheud beathach ri lorg timcheall Linne Mhoireibh, ged a bhios iad a' falbh cho fada deas ri Linne Fhoirthe; is iad seo na creutairean a rim faicinn aig Gob na Cananaich. Tha e iongantach gun do ghlèidh an gnè seo seann ainm airson leumadairean is peileagan – muc-mhara – a tha sinn a' cleachdadh an-diugh airson whale, ged as e 'peileag' ciall an fhacail ann an Gàidhlig na h-Èireann fhathast. Tha samhladh againn ann an Gàidhlig – cho reamhar ri muc-bhiorach agus gu cinnteach tha an leumadair seo mòr, bronnach agus le coltas tapaidh air – ged nach eil sin a' cur bacadh air o bhith a' leum glan às a' mhuir!

Tha gnè eile ann air a bheil Risso's dolphin no grampus ann am Beurla – agus chithear seo timcheall costa na h-Alba, ged a tha e a' dèanamh a dhachaigh ann an cuantan air feadh an t-saoghail. Chan eil e coltach ri leumadair sam bith eile oir tha ceann maol aige agus tha e an ìre mhath gun ghob. Bidh e a' fàs nas lèithe le aois agus bidh an fheadhainn as sine gu math bàn. ʼS e sin as coireach gur e ainm Gàidhlig cana, a tha a' ciallachadh 'ban, geal' (mar anns an lus air a bheil canach an t-slèibhe). Bithear a' gabhail 'leumadair-Risso' air cuideachd. Tha e suas ri 4 meatairean ann am fad agus bidh e a' nochdadh gu tric anns an aigeann far nan Eilean Siar far am bi e a' sealg ochd-chasaich, gibearnaich agus sùilean-an-tòin. ʼS dòcha gur e còmhrag le gibearnaich-mhòra as coireach ris na làraichean fada a chithear air craiceann na feadhna as sine.

Canachan òga far costa Leòdhais. ©Nicola Hodgins, Whale & Dolphin Conservation.

ʼS e orc seann fhacal Gàidhlig airson 'muc-mhara' le facal càirdeach – uircean – air a chur gu feum airson 'muc òg' fhathast, a' sealltainn gu bheil daimh cànain air a bhith ann eadar mucan agus mucan-mara fad linntean. Chithear sin ann an co-cheangal ri Arcaibh far a bheil cuid ag eadar-theangachadh an t-seann Laidinn Orcades (Insi Orc anns an t-Seann Ghàidhlig) mar 'eileanan nam muc' fhad ʼs a tha feadhainn eile ga mhìneachadh mar 'eileanan nam mucan-mara' (chanainn gur e mucan-mara as coltaiche). Anns an t-seann aimsir, bha na Gàidheil a' gabhail Cuan nan Orc air a' mhuir eadar Leòdhas agus Am Parbh, agus math dh'fhaodte cho fada sear ri Arcaibh.

Bidh luchd-labhairt na Beurla ag aithneachadh orc ann an orca – ainm eile air a' killer whale (Orcinus orca do luchd-saidheans). ʼS e am beathach mòr iongantach seo, a ruigeas 9 meatairean ann am fad, an leumadair as motha anns an t-saoghal. Bithear gam faicinn gu cunbhalach anns a' chuan eadar Hiort agus Sealtainn, a' gabhail a-steach Arcaibh agus Gallaibh (chithear gu tric iad far Eilean Stròma faisg air Taigh ʼan Ghròt, agus iad a' sealg nan ròn a tha gu math pailt an sin).

Madaidhean-cuan a' sealg ròn far cladach Shealtainn. ©Lorne Gill/ NatureScot

Ann an Gàidhlig ʼs e madadh-cuain a chanar ris an orca – ainm gu math freagarrach oir bidh iad a' sealg ann an lomhainnean mar a bhios madaidhean-allaidh. Tha iad cho làidir ʼs gum bi iad uaireannan a' tilgeil ròin mhòra glan a-mach às a' mhuir nuair a tha iad a' sealg. Bhiodh an sluagh ris an canar an Yupik, a tha beò anns an tìrean eadar ceann an ear Shiberia agus Alasga, dhen bheachd gum bi madaidhean-allaidh na coille anns a' gheamhradh a' dèanamh cruth-atharrachadh orra fhèin agus a' nochdadh mar mhadaidhean-cuain as t-samhradh. ʼS e ainm Gàidhlig eile a th' air a leithid, a chaidh a chlàradh anns an Rubha ann an Leòdhas, muc-bhreac oir tha iad dubh-is-geal. ʼS e a th' ann ach fear de shàr-shealgairean na mara agus ma tha sibh fortanach gu leòr fear, no sgaoth, dhiubh fhaicinn, glèidhibh nur cuimhne e!

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.